검색 양식

Lebhiticus 1

1Agus ghairm an Tighearna air Maois, agus labhair e ris à pàillean a’ choitheanail, ag ràdh.

2Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Ma bheir duine sam bith agaibh tabhartas a dh’ionnsaigh an Tighearna, bheir sibh ur tabhartas den sprèidh, eadhon den bhuar agus den treud.

3Ma bhios a thabhartas den bhuar na ìobairt-loisgte, thugadh e seachad beathach fireann gun ghaoid: aig doras pàillean a’ choitheanail bheir e seachad e de a shaor thoil fhèin, an làthair an Tighearna.

4Agus cuiridh e a làmh air ceann na h‑ìobairt-loisgte: agus gabhar air a shon i, a dhèanamh rèite air a shon.

5Agus marbhaidh e an tarbh òg an làthair an Tighearna: agus bheir na sagartan, mic Aaroin, leo an fhuil, agus crathaidh iad an fhuil mun cuairt air an altair, a tha aig doras pàillean a’ choitheanail.

6Agus fionnaidh e an ìobairt-loisgte, agus gearraidh e i na mìrean.

7Agus cuiridh mic Aaroin an sagart teine air an altair, agus leagaidh iad fiodh ann an òrdagh air an teine.

8Agus leagaidh na sagartan, mic Aaroin, na mìrean, an ceann, agus an t‑saill, ann an òrdagh air an fhiodh a tha air an teine, a tha air an altair.

9Ach a mhionach agus a chasan nighidh e ann an uisge: agus loisgidh an sagart an t‑iomlan air an altair, mar ìobairt-loisgte, tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.

10Agus mas ann de na treudan a bhios a thabhartas, eadhon de na caoraich, no de na gobhair, a‑chum ìobairt-loisgte, na bheathach fireann gun ghaoid bheir e leis e.

11Agus marbhaidh e e aig taobh na h‑altarach mu thuath ann an làthair an Tighearna: agus crathaidh na sagartan, mic Aaroin, a fhuil air an altair mun cuairt.

12Agus gearraidh e na mhìrean e, maille ra cheann agus ra shaill; agus cuiridh an sagart iad ann an òrdagh air an fhiodh a tha air an teine, a tha air an altair.

13Ach nighidh e am mionach agus na casan le uisge; agus bheir an sagart leis an t‑iomlan, agus loisgidh e air an altair e, mar ìobairt-loisgte, tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.

14Agus mas ann de eunlaith a bhios a thabhartas don Tighearna a‑chum ìobairt-loisgte, an sin bheir e a thabhartas de thurtaran, no de chalamain òga.

15Agus bheir an sagart e a‑chum na h‑altarach, agus snìomhaidh e a cheann dheth, agus loisgidh e air an altair e; agus fàisgear a‑mach a fhuil air taobh na h‑altarach.

16Agus spìonaidh e a sgròban as maille ra chlòimh, agus tilgidh e làimh ris an altair e, air an taobh an ear, do àite na luatha.

17Agus sgoiltidh e maille ra sgiathan e, ach cha roinn e o chèile e; agus loisgidh an sagart e air an altair, air an fhiodh a tha air an teine, mar ìobairt-loisgte, tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index